News & Updates

Mòrachd Chrìosd

Air madainn na Sàbainn, shearmonaich an t-Urr. Seumas MacÌomhair air Leabar nan Eabhruidheach 1: 1 – 14.

Tha an earrann seo a’ labhairt mu chonaltradh agus foillseachadh – dà rud a tha dlùth-cheangailte, oir, far a bheil conaltradh, mar as trice tha an duine a tha a’ bruidhin, no a’ sgrìobhadh, a’ toirt boillsgeadh dhuinn den seòrsa phearsa a th’ aige.

An seo, tha Crìosd ga ainmeachadh agus thathar a’ faicinn mar a tha a’ phearsa-san a’ foillseachadh Dia. 

Tro eachdraidh an t-Seann Tiomnaidh, bha Dia ga fhoillseachadh fhèin le bhith a’ conaltradh ri a shluagh. Mothaich gur e Esan a bha an-còmhnaidh gnìomhach - nam biodh E a’ feitheamh gus an gabhadh mac an duine ceum dha ionnsaigh-san, cha bhiodh càil air tachairt. Ghabh an conaltradh seo cruthan eadar-dhealaichte cuideachd: labhair Dia tro na fàidhean, bha E a’ labhairt riutha an cois na h-ìobairtean a bhithear a’ dèanamh – agus bha a’ ghuth ri fhaotainn fiù ‘s anns a’ Chruthachadh fhèin.

Ach, tha an earrann seo a’ dèiligeadh gu sònraichte rus mar a labhair e troimh a’ mhac anns na làithean deireannach. Thòisich iad sin le teachd Chrìosd, agus leanaidh iad gus an till E a-rithist. Se th’ ann, ma-thà, ach modh eadar-dhealaichte: pearsa mhic Dhè na mheadhan-conaltraidh, a’ foillseachadh an Tiomnadh Nuaidh. Ann a bhith a’ beachdachadh air Crìosd aig àm sam bith, bu chòir dhuinn a bhith a’ meòrachadh air Dia a’ bruidhinn rinn troimhe-san.

Chan urrainnear pearsa agus obair Chrìosd a sgaradh bho chèile oir tha iad cho dlùth-cheangailte. Far a bheil an teacs ag ràdh, ‘na dheàlradh a’ ghlòire-san’, tha e a-mach air glòir a bhuineas dhan Athar. Seo glòir nach fhaic sinn às aonais Chrìosd, ged-tà, oir tha glòir an Athar air fhoillseachadh tro phearsa a’ Mhic.

Tha Crìosd a’ ciallachadh barrachd na Maois, no na h-ainglean. Ann-san, gheibhear glòir an Athar air a thaisbeanadh an dàimh ri fìrinn agus gràdh. Tuigear gu bheil deàlradh nàdarrach dhan a’ ghrian, ach chan fhaicear e gus an teich na sgòthan, agus tha seo na dhealbh air mar a tha glòir Dhè ga thaisbeanadh ann an Crìosd.

Chìthear gu bheil seo air a dhaingneachadh barrachd sna briathran, ‘na fhìor ìomhaigh a’ phearsa’. Seo ìomhaigh a’ chiad Phearsa den Trianaid, air fhoillseachadh tro Chrìosd. Càit am faic thu cò ris a tha Dia coltach ach na Mhac fhèin? Fhreagair Crìosd fhèin Philip le bhith ag ràdh gun robh an duine a chunnaic esan air an Athair fhaicinn.

Uaireigin, bhithear a’ seulachadh litrichean le cèir, agus a’ brùthadh suaicheantas teaghlaich no ìomhaigh mheatailt air choireigin dhan a’ chèir ‘s i fhathast bog. Dh’ fhàgadh sin làrach na h-ìomhaigh anns a’ chèir – agus sin dìreach mar a tha glòir Dhè ri fhaicinn ann an Crìosd. Sud an adhbhar a tha Crìosd ag mholadh fhèin mar an t-slighe a chum gràdh an Athar.

Anns an earrann seo cuideachd, tha sin a’ leughadh gu bheil an Cruthachadh gu lèir ga chumail suas le facal cumhachd Chrìosd. Bu chòir seo a thuigsinn mar nì a tha a’ ciallachadh barrachd na dìreach taic; tha brìgh aige gu bheil Crìosd a’ giùlain na h-uile nithean a chum co-dhùnadh a tha cinnteach. Tha seo air a dhaingneachadh a-rithist ann an leabhar an taisbeanaidh (5: 1- 7), far a bheil e air a dh’ ràdh nach eil duine ann a tha comasach no airidh an leabhar fhosgladh. Chìthear, ged-tà, airidheachd Chrìosd an dàimh ri seo: tha Esan comasach air fhosgladh, agus tha an leabhar na làmh-san, a’ samhlachadh gu bheil E comasach air a h-uile càil ann an eachdraidh agus an àm ri teachd a ghiùlain.

‘S ann mar an dearbh neach seo – deàlrach agus a’ taisbeanadh glòir Dhè – a chaidh a cheusadh as ar leth. Thug e na feartan sin a-steach dhan a’ bhàs, agus ‘s ann mar sin a choisinn e saorsa dha peacaich.

Tha ‘shuidh e air deas-làimh na mòrachd’ a’ comharrachadh rudeigin cudromach, agus tha an tràth anns a bheil e sgrìobhte sònraichte. Tuigear gu bheil an tràth-caithte a’ ciallachadh gu bheil an obair crìochnaichte agus gu bheil e a-nis na shuidhe air sgàth‘s gun do choilean E na bh’ aige ri dhèanamh. Na shuidhe aig deis-làimh Dhè, tha e air àrdachadh, oir ‘s ann dha a bhuineas an urram ri linn agus na choilean E.

Agus, mar thoradh air an seo, tha gach duine a th’ air a theàrnadh ceangailte ris an àrdachadh sin a choisinn Crìosd dha fhèin. Gheibhear ann an litir an abstoil a chum na Ròmanaich (8:14 - 17) am pàtran a th’ ann nuair a thathar air aonachadh ris. Bha aig Crìosd ris a’ chrann-ceusaidh fhulang mus deach a ghlòireachadh; tha aig an fheadhainn a tha beò ann ri fulang ann am fàsach an t-saoghail seo.

Gidheadh, nuair a tha làithean an fhàsaich seachad, thèid iadsan a bhuineas dhà àrdachadh maille ris cuideachd: seo gealltanas cinnteach a tha aig a shluagh-san mar chofhurtachd ri linn foirfeachd Chrìosd, fìor ìomhaigh Dhè.